english

 

dhachaigh

cùl-fhiosrachadh
 

stiùireadh phròiseactan

oideachadh

solaradh

 

cliantan

fios thugainn

Cò sinne?
'S e buidheann comhairleachaidh lìonraichte de dh'eòlaichean a tha annainn a bheir taic ri buidhnean eile na cunnartan a dh'èiricheas an cois lìbhrigeadh is cur an sàs atharrachaidhean.

Tha trì roinntean ann far a bheil sinn ag obrair gu sònraichte - gach aon dhiubh le cudrom air dèanamh cinnteach gun lìbhrigear atharrachadh.  'S iad STIÙIREADH PHRÒISEACTAN AIR LEASACHADH BUIDHNE, OIDEACHADH agus COMHAIRLEACHADH SOLARAIDH.

A chionns 's gu bheil sinn a' tuigsinn nach bi duilgheadasan ach glè ainneamh cho follaiseach 's a tha dùil sa chiad dol a-mach, bidh sinne a' cur cudrom air fiosrachadh a-mach an toiseach dè na tha aig cridhe an duilgheadais a tha anns a' chompanaidh.  Tha lìonra ioma-sgileil againn de dh'eòlaichean air stiùireadh atharrachaidh 7 leasachadh buidhne as urrainn dhaibh measadh rèidh a thoirt air na cunnartan, cosgaisean ìsleachadh agus sibh fhèin a' treòrachadh tron phròiseas.  'S e treòrachadh soilleir agus deagh chadal air an oidhche na gheibh sibhse leinn.

Chaidh an companaidh a stèidheachadh ann an 1994 agus tha e air comhairleachadh, stiùireadh phròiseactan agus seirbheisean co-cheangailte ris a thoirt seachadh do chliantan bhon àm sin.  Tha eòlas blue-chip aig gach prionnsabal againn sa chuibheas a tha a' dol air ais barrachd air 25 bliadhna.  Tha eòlas aca air cùisean eadar seòmraichean-bùird nan companaidhean ioma-nàiseantach agus dreuchdan teicnigeach is àrd stiùireach ann an raon drùidhteach de bhuidhnean.

Tha ar n-eòlaichean a' sìor leasachadh an sgilean 's an eòlais tro shìor leasachadh proifeiseanta agus obrachadh ann an iomadh raon taobh a-muigh ar companaidh.  Faodaidh sinne a bhith cinnteach air an dòigh sin nach fàs an sgilean meirgeach agus gun sìor leasaich iad am modail deagh chleachdaidh againn.

  • Dè eile a nì sinn?  'S e atharrachadh cuspair mòr ar n-obair agus mar sin, bidh sinn a' cur cudrom air riaghlachadh gach rud a bhios co-cheangailte ris.  Faodaid seo a' gabhail a-steach oideachadh àrd mhanaidsearan air siùireadh iom-fhillteachd agus leasachadh tionnsgalachd agus ruith nam pròiseasan ath sgrùdaidh as leth bùird nam prògraman.
     
  • Dè nach dèan sinn?  Tha e gu math cudromach dhuinne agus dha ar cliantan gu bheil fhios againn cuine bu chòir dhuinn obair a dhiùltadh.  Chan eil eagal oirnn pìos obrach a dhiùltadh ma tha sinn sa bheachd nach eil na sgilean ceart againn no nach eil an suidheachadh.  Chan eil dùil againn fàs mòr - leanaidh sinn oirnn a bhith beag agus cumaidh sinn ar fòcas - airson math ar cliantan agus ar n-eòlaichean.
     
  • Dè eile as urrainn dhuinn solar?  Tha sinn glè thoilichte comhairleachadh leis ar cliantan a thaobh eòlaichean eile air a dh'fhaodadh a bhith feum gus taic a chur ris an atharrachadh a tha a' dol.  A-rèir ar poileasaidh, chan iarr sinn tàillean bho na daoine a mholas sinn idir airson an cur an aithne le chèile.  Chan eil e gu diofar an e cuideigin no buidheann a tha ann - ma mholas sinn cuideigin, nì sinn seo ar sgàth 's gu bheil fhios againn gun dèan iad an obair gu math.  Bidh sinn ag obair gu tur a chum math ar cliantan agus chan ann a chum neach sam bith eile.