english

 

dhachaigh

cùl-fhiosrachadh

 
stiùireadh phròiseactan

oideachadh

solaradh

 

cliantan

fios thugainn

Làn sàr eòlais ann an raon nam pròiseactan,
Eadar meanbh phròiseactan is ath thionndadh corporra.  Dòighean prataigeach a dh'obraicheas le luchd-gnothachais àbhaisteach, gun sgleò-chainnt teicnigeach nach tuig ach na sàr 'eòlaichean'.
  • LEASACHADH BUIDHNE
    Tha leasachadh buidhne a' gabhail a-steach gach seòrsa de dh'atharrachadh aig a bhios buaidh air a' chompanaidh, gu h-àraid nuair a bhithear a' sgrùdadh nam pròiseasan.  Tha sinn ag amas gu h-àraid air lìbhrigeadh fhuasglaidhean iom fhillte.  Tha fhios - ged a tha iad tlachdmhor - gu bheil na dòighean tradaiseanta airson stiùireadh leasachadh buidhne ro thric ag amas air an eadar-theachd agus chan ann air an lìbhrigeadh.

    Mar dhrochaid, tha sinn air measgachadh cumhachdach de dh'eòlas a leasachadh leis na sgiobannan measgaichte de dh'eòlaichean atharrachaidh agus goireasan daonna.  Leis a sin, tha fòcas làidir againn air co-thàthadh nan raointean manaidsearachd uile.  'S ciall dha sin cuideachd gum bi seasamh làidir againn nuair a dh'fhàsas rudan garbh taobh a-muigh roinn nan goireasan daonna.  Tha sinn comasach air bruidhinn - air an dearbh ìre - ri luchd nan reicean, luchd-obrach nan cùl-oifisean neo eòlaichean teicnigeach.  Agus aig a' cheann thall, 's e tuigse nan dòighean obrachaidh de ghnothach agus mar a bheirear deagh atharrachadh gu buil a tha air cùlaibh leasachadh buidhne.

    'S ciamar a nì sinn seo
    ?  Chan eil rud ann a tha nas fhearr na eòlas.  Bha ar n-eòlaichean an sàs co-aonachaidhean is sealbhachaidhean; ath thionndaidhean corporra; ùrachadh cultair eadar-nàiseanta; stiùireadh phrògraman sàr fheabhais chorporra ioma nàiseanta agus torr a bharrachd.  Bha iad an sàs manaidsearachd agus dreuchdan obrachaidh ann an gnothaichean de dh'iomadh meud agus raon.  Agus ma chuireas tu deagh thuigse de shaidhg-mheatrachd, furastachadh agus oideachadh - agus bidh raon de dh'innealan cumhachdach agad.
  • STIÙIREADH DÈANADAIS
    Tha cinnteach gu bheil seòrsa de shiostam aig a' chuid as motha de bhuidhnean airson stiùireadh dèanadais.  Ach a bheil e a' lìbhrigeadh fhathast na bha e aig an toiseach nuair a chaidh a chur an sàs?  Bheir sinn taic dhuibh ath amas air na tha feum air AN-DRÀSTA.  Agus a bharrachd air sin, nì sinn cinnteach gun dèid a cheangal dha na h-uidheaman lìbhrigeadh bhuannachdan de phròiseactan agaibh.  Agus mar sin, bidh e fada nas dualaich gun lìbhrig na daoine agaibh na buannachdan a tha dùil agaibh ris bho na pròiseactan.
  • ATH DHEALBHADH GNOTHAICH
    Dè cho tric 's rinn sibh seo mu thràth?  'S mathaid nach do rinn ach glè ainneamh no nach do rinn idir.  Tha "dòigh eadar-dhealaichte" 'nar fuil agus bidh sinn an-còmhnaidh ag amas gu soilleir air aon rud - DÈ AN t-AMAS A THA FA-NEAR?

Bheir sinn taic dhuibh dealbh a thoirt air an àm ri teachd mus tòisich sinn air an turas.

  • ÙRACHADH TEICNEOLAIS
    Chan dèan e a' chùis seo a' leigeil leis an roinn TF agaibh - feumaidh làimh a bhith aig a' ghnothach ann cuideachd.  Leis a' mheasgachadh de sgilean is eòlas a tha againn, nì sinn cinnteach nach cuir na pròiseactan mòra seo a-steach air a' ghnothach "àbhaisteach".  Chan eil e gu diofar an e atharrachadh de shiostam obrachaidh gu ùrlar Eòrpach a tha ann air neo toirt a-steach bathar-bog desktop, nì sinne cinnteach nach dèid càil a dhìochuimhneachadh agus gun cum rudan a' dol gu rèidh.