|
Ar
n-Ealantas: Tha Zymolysis,
leis a bhith 'na bhuidheann comhairleachaidh fiùghantach, beag, a' tairgsinn
cothlamadh de dh'ealantas is dh'eòlas nach faighear ach ainneimh an saoghal a'
ghnothachais an-diugh. A bharrachd air seo, tha ar sgilean is ar n-eòlas air an toirt gu ìre ann an iomadh roinnean agus caochladh de bhuidhnean
- bho ChEAPan (companaidhean earranta poballach) bàrr-feabhais gu
aoincheannaiche.
Tha taghadh farsaing de sgilean againn
bho dhealbhadh gnothaich gu stiùireadh obrachaidh agus tar-chur nam
beachdan-smuain stiùiridh as ùire gu ruige gnìomhachaidh pragmataich.
Is urrainn dhuinn sgioban eòlaichean a chruinneachadh tro na co-bhannan againn
gus duilgheadasan sònraichte ar luchd-dèilige a làimhseachadh.
Tha sinn a' tairgsinn eirmseachd
dhearbhte ann an dòigh neo-ascaoin agus sgilean freagarrach air son an
eadar-fhighidh ioma-fhillte de dhaoine, ro-innleachd, mhargaideachd,
dh'obrachadh, sholarachd agus TF (Teic-Eòlas Fiosrachaidh) a tha 'nur
buidheann. Sgilean a tha ri am faighinn car tràtha goiride no fada no
aig am bheil fradharc eadar-nàiseanta - mas e seo a tha a dhìth oirbh.
Tha ar luchd-dèilige ag ràdh an aon rud gu deimhinne - gur h-e seirbheisean
dhen ìre as àirde a tha sinn a' tairgsinn dhaibh agus gun dèid againn
gach turas.
Is e Stiùireadh Ioma-fhillteachd, Ath-dhealbhadh Gnothaich agus Stiùireadh
Phrògraman na sàr-speisealachdan againn air son gun dèid againn dìth
gnothachais ar luchd-dèilige a riarachadh. Tha sinn a' tairgsinn na sgilean ris am
biodh dùil agaibh ann am prìomh sgoil gnothachais anns an dòigh a bheir
sinn thugaibh na cùrsaichean trèanaidh againn.
|