|
 |
|
COMHAIRLEACHADH SOLARAIDH
Anns
a' chiad dol a-mach, tha deagh thuigse againn air na dh'fheumas deadh chuireadh
airson tairgse - airson an dà thaobh. Bheir sinn cuideachadh dhuibh
gun dèid agaibh an sgrìobhainn chudromach sin a dhèanamh gu ceart
- gun urrainn dhuibh tuigsinn mar a lìbhrigeas e na toraidhean a tha a dhìth air
a' bhuidheann agaibh. Bheir sinn comhairle dhuibh as dèidh na h-ìre
taghaidh air mar a bhrosnaicheas sibh deagh cheangal eadar an dà thaobh. 'S e
buannachd dhan dithis a tha fa-near dhuinne.
- Comhairleachadh
- ma bhios deagh thuigse agaibh air na tha sibh ag iarraidh, nì sin cinnteach
gum faigh sibh freagairtean dhan chuireadh gu tairgse agaibh bho na
comhairlichean ceart. A bharrachd air sin, tha sinn air na mìltean de
sgrìobhainnean fhaicinn a bha airson innse dhan chliant na bhathar a'
sùileachadh ris agus tha deagh fhios againn air na dh'fhaodas a dhol cearr. Gu
ruige seo, cha bu cho-ionnan an rud a
shònraich an cliant mar "an duilgheadas a bha feumach air fuasgladh" aig an
tùs agus am fìor dhuilgheadas a bha air a chùlaibh anns gach cùis a chunnaic
sinn. Cha robh ach beagan eadar an dà uaireannan - ach faodaidh gum
biodh buaidh mhòr aig rud beag fhathast.
Faodaidh iomadh adhbhar a bhith air a chùlaibh, mar ìre an eòlais aig an
fheadhainn a sgrìobh an sònrachadh, dè cho toinnte 's a tha an suidheachadh,
an ùine agus na goireasan a tha ann... 's e liosta fada a tha ann. Cha
tachair seo ma tha na pròiseasan ceart ann 's a nì cinnteach gu bheilear a'
tuigsinn nan duilgheadasan gu ceart MUS dèid fuasgladh iarraidh.
Tha sinn fìor mhath air sònrachadh dhuilgheadasan, an rud a bhiodh dùil agaibh
ris bho bhuidheann a tha a' coimhead air seo mar aon dhe na prìomh sgilean
aige a lìbhrigeas luach. 'S ciall dha seo gun cuidich sinn sibh gur ann
GU LUATH a gheibh sibh tuairisgeul air na tha a dhìth oirbh. Bidh sinne
toilichte gu leòr an uairsin leigeil leis an t-solairiche a thagh sibh
fuasgladh airson an duilgheadais CHEART a thoirt dhuibh. Tha air cliantan air
na milleanan de £ a shàbhaladh air an dòigh seo 's sinne a' dèanamh cinnteach
gun robhar a' tòiseachadh san àite cheart bhon fhìor thoiseach.
- Gluasad dhan Taobh
A-muigh - feumaidh crìoch shoilleir a bhith
ann. Agus ma bhios an dàimh air a deagh stiùireadh bhon toiseachd, bidh
buannachdan mòra ann ri tìde. Bha sinn an sàs gluasadan dhan taobh
a-muigh air feadh an t-saoghail leis na com-pàirtichean againn agus shoirbhich
leinn na rudan a b' fhearr fhaighinn bhon luchd-solair airson na cliantan
againn. Ged a tha "gluasad dhan taobh a-muigh" a' cur 'nar sùil gur e
sin rud a b' àbhaist dhan companaid fhèin a bhith 'ga dhèanamh, cha chiall dha
sinn gun urrainnear na h-aon phròiseasan stiùiridh a chleachdadh a bha ann
roimhe.
- Solar Sheirbheisean
- tha seo gu math coltach ri gluasad dhan taobh a-muigh, ged 's dòcha nach
robh sibh a' solar nan seirbheisean seo sibh fhèin roimhe. Bidh sinn ag
obair còmhla ruibh gus dèanamh cinnteach gun stèidhich sibh dàimh a lìbhrigeas
an luach as fhearr.
|
|