Is e Lìbhrigeadh Lìbhrigeadh Lìbhrigeadh an aon dòigh a bheir dealbh air ar modh-gabhail do Stiùireadh Phròiseactan.  Feumaidh seo sùil gheur air son mhion-chùisean gun sealladh air a' mhòr lèirsinn a leigeil às an fhradharc agus deagh thuigse air dè na rudan a dh'oibricheas ri a thaobh.

Tha ar n-eachdraidh obrach drùiteach agus tha e a' toirt dealbh air a' gheallatanas gun cuir sinn cùisean air gleus ge b'e dè na cnapan-starra.  Chan eil sin ag ràdh gum bheil sinn a' leantainn an t-suaicheantais "lìbhrigeadh ge b'e na cosgaisean" - bheir sinn cobhair dha ar luchd-dèilige cuideachd pròiseactan a sheachnadh a thraoghadh ghoireasan gun bhuaidh.

Tha sinn ag obair le modhan-gabhail structarach a cho-chuimsicheas sinn gum bi iad freagarrach air son an neach-dèilige agus na timcheallachd.  Tha mòran dhe na chleachdas sinn stèidhichte gu sgaoilte air Prince2.  Tha sinn deònach gu leòr cuideachd cobhair a thoirt dha ar luchd-dèilige leis a bhith a' dealbhadh an eagaran fhèin air an raon fhèin.

Bho phròiseactan cneasda a chosgas £50m gu ruige prògraman gnothaich air fèadh grunn bhliadhnaichean is le buidseadan os cionn £100 millean, is urrainn dhuinn ur cuideachadh.  Agus a bharrachd air seo cuidichidh sinn ur luchd-ionmhais cùnntas a chumail air a' phròiseact ann an dòigh is gum bi urrantas agaibh nach dèid e thar na buidsead.