Buineagar Gnothaich

Dh'fhaodadh gum feumar tòrr ùine gus am bi am buineagar gnothaich ceart agaibh ach togaidh seo luach mòr bhon a bheir e comas do mhòran a thig air a shàilibh.

  • Dh'iarradh oirrn prìomh phròiseact buineagar gnothaich a ghabhail os làimhe air son solaraiche Sheirbheisean Ionmhais eadar-nàisteanta.  Bha am pròiseact, a bha 'na phàirt de phrìomh phrògram leasachadh eadar-nàiseanta, gu tur air dheireadh.  Bha seo a' dol a sholarachadh bunraon làimhseachaidh air son a h-uile sruth gnothaich.  Chuir sinn am pròiseact air ais air seòladh rèidh taobh a-staigh 3 mìos, rud a thug cothrom dhan cheann-bhuidheann leudachadh a ghnothaichean dhan Fhraing.

  • Bha banca Breatannach a' dealbhadh obrachadh-lìn ùr.  Le seo, bha e a' dol a-steach do raon ùr a thaobh stiùireadh sgaoileadh bathair-bhuig ann an  timcheallachd bheò.  Dh'oibrich sinn còmhla ris an luchd-obrach a bha an làthair gus modh-ghabhail deagh ghnè a lìbhrigeadh air son roinn a' bhuineagair seo a chumas an uine-sìos agus mathroinnean dhan bhunraon bhancaidh cho beag is a ghabhas.

  • Bha feum aig obrachaidhean uile-rèic air eagar foirmeil gus smachd a chumail air meall nam pròiseactan ùra a bha - ged a bha iad uile riatanach dhan ghnothach - a' strì air son goireis earranta.  Dh'iarradh oirnn Eagar Prògraim Ghnothaich a dhealbhadh agus lìbhrig sinn e dhan ghnothach a-staigh 6 mìos.  A bharrachd air seo choisinn sinn glacadh luchd-cleachdaidh a' ghnothaich agus shoirbhich sinn an stiùireadh a dh'obair anns an aon chlàr-ama.

    Gu h-iomlan, lìbhrig seo sàbhaladh còrr is £9 millean sa chiad bhliadhna.

< Mu dh   Ath >   Prìomh Dhuilleag Stiùireadh Phròiseactan